Ard Sgoil Gheàrrloch, RoinnCruinn-eòlas

Geàrrloch

cruinn-eòlas nasgìre

Chaidh an obair seo a chur richèile an toiseach ann an 1989, agus tha e air a chur forcomhair mar a chaidh a dhèanamh an uair sin, ach le tuilleadhnotaichean, ann an camagan ceàrnach, airson am fiosrachadh adhèanamh cho ùr 's a ghabhas.

Ma bhios sibh a' coimhead air bileag 19 SreathLandranger, Clàrachas na Dùthcha, ann an riochd achaidh fhoillseachadhas dèidh 1974, an turas mu dheireadh achaidh ath-sgrùdadh mòr a dhèanamh ann an 1989,'s dòcha nach bi e gu feum. Tha an stuth air a chur forcomhair gun atharrachadh airson a bhith air a chleachdadh lesgoiltean ann an Roinn na Gaidhealtachd aig a bheil lethbhreacan dechairteil an iar-dheas den mhap a chaidh a chur a-mach nuiar a chaidhan stuth a chur ri chèile.

Gheibhear comharradh-clèithe agus anàird on thogar an dealbh ann an camagan ro gach tuairisgeul.(comharradh-clèithe: grid reference; camagan:brackets)

[Tuilleadh fiosrachaidh (1999)]

An teacs uile ri fhaotainn air an aon duilleig

Clàr-innse

A. Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarra 's cleachdadh-fearainn

Beinn Ailiginn / Beinn Dhearg / Baosbheinn agus Beinn an Eoin / Loch Ma-Ruibhe agus Loch Iù (1-4)

Lochan nan Sìthichean / Tràigh Gheàrrloch / Beinn Airigh Charr / Inbhirean (5-8)

Eileanan Loch Ma-Ruibhe (9-12)

B. Tuineachadh, àiteachas agus seirbheisean

An Dùn, Geàrrloch / Erradal Shuas / Na h-Obainean

Diabaig / Dàm Gheàrrloch / Geàrrloch / Cearnag na Strath (13-16)

Achd a' Cairn (17-20)

C. Turasachd

Sannda Mhòr / Taigh-òsda Gheàrrloch / Osdail Oigrich a' Chàirn Dheirg

Bad a Chròtha (21-24)

D. Gnìomhachas

Cidhe Gheàrrloch / Bàtaichean iasgaich / Stèisean Iasgach an Rubha Dheirg

Tuath Eisg na Cahtair Bige / Sgeama Dealan an Loch Garbhaig / Cuaraidh Gheàrrloch (25-28)

E. Geàrr-chunntas

Geàrrloch

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag dachaigh |

Earrann A:Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarraagus cleachdadh-fearainn

Dealbh 1

Teacs 1

(849634, an ear-dheas)

(Toirbheartan: Torridon; eigh-shruth: glacier;stùc piorramaideach: pyramidal peak; bleith eigheadail:glacial erosion; coire: corrie)

Tha seo a' sealltainn Beinn Ailiginn (8660) bhoniar-dheas. Tha i air a dèanamh de chloich-ghainmhichThoirbheartanaich, fìor sheann chreag air a h-ainmeachadh aira' cheàrnaidh bheanntan seo, Cnuic Thoirbheartain. Chithearbuaidh nan eigh-shruth gu soilleir. Tha stùcan piorramaideachan Sgùrra Mhòir (865612), am mullach as àirde,agus, clì air, aon de Stùcan Ailiginn (873612) a'sealltainn am bleith eigheadail a dh'fhuiling a' bheinn. Chun nalàimh dheis, fo Tom na Gruagaich (859601), tha eisimpleir mathde choire. Tha an dà phrìomh mhullach aig BeinnAiliginn, Sgùrr Mhòr agus Tom na Gruagaich air anceangal ri chèile le druim cumhang ris an canararête.

| Mullach na duilleig | Duilleag dachaigh |

Dealbh 2

Teacs 2

(915612, an iar-thuath)

(loch riobanach: robbon loch; uchd-ghlacadh:nestling; moraine eigheadail: glacial moraine; feall-shruth: misfitstream; mòr-dhèidh: popular)

Tha an dealbh seo a' coimhead chun an iar bhoChàrn na Feòla (915612) gu mullach na Beinne Deirge(895607) air an iomall chlì den dealbh. Air a' chùlaibhchithear an Sgùrr Mhòr (865612) aig Beinn Ailiginn achunnacas san dealbh mu dheireadh. An-seo tha eisimpleir eile dechoire, an turas seo le lochan (falaichte bhon t-sùil air anlàimh chlì) air uchd-ghlacadh fo na stallachancreagach. Tha gleann grinn air cumadh U (8862), an làr aigecòmhdaichte le moraine eigheadail, a' sìneadh air falbhchun an iar-thuath agus fad às tha Loch a' Bhealaich (8664),loch riobanach.Tha an abhainn (m.e. 8863) fada ro bheag airson abhith air an gleann a chruthachadh gun chuideachadh bho eigh-shruth;canar feall-shruth ris. Tha seo na dhearbhadh eile air buaidheigh-shruthan anns a' cheàrnaidh.Tha mòr-dhèidhaig luchd-turais air a' cheàrnaidh agus 's ann le UrrasNàiseanta na h-Alba a tha cuibhreann math de BheanntanThoirbheartan (8860).

| Mullach na duilleig | Duilleag dachaigh

Dealbh 3

Teacs 3

(935611, an iar-thuath)

(thuinich: settled; mìn-chruthach:streamlined; moraine talmhainn: ground moraine)

A' gluasad gu tuath bho BheanntanThoirbheartan, chladhaich deigh glinn Srath Lungard (9165) airchumadh U agus na glinn anns a bheil Loch na h-Oidhche (8965) agusLoch a' Bhealaich (8664). Tha iad a' sgaoileadh a-mach bho far nathuinich an deigh. Faodar na trì glinn a chomharrachadh ritaobh Baosbheinn (8765) air an làimh chlì agus Beinn anEòin (9064) anns a' mheadhan. Bhleith deigh na cnuic sin agusi a' dol seachad orra agus ri linn sin tha cumadhmìn-chruthach orra. Tha an ceàrnaidh aig toiseach andeilbh còmhdaichte le moraine talmhainn a tha aircruth-tìre cnocach a chruthachadh le mòran lochanbeaga.

| Mullach na duilleig | Duilleag dachaigh |

Dealbh 4

Teacs 4

(925764, an iar-thuath)

(cearb geòlasach: geological fault;snath-greige: rock basin; Gneiss Leòdhasach: Lewisian Gneiss;creag chruth-atharrachail: metamorphic rock)

'S e loch riobanach mòr a tha ann an LochMa-Ruibhe (8974, etc.). Aon adhbhar cudromach airson a mheudachd 's egu bheil e na laighe ri taobh cearb geòlasach no loidhne delaige. Tha eigh-shruth air cothrom a ghabhail air an laige seo agusair snath-creige a dhèanamh, a tha a-nise làn uisge,agus a tha a' dol gu math nas ìsle na àirde na mara.Tha an linne air an làimh dheis na pàirt de loch mhararis an canar Loch Iù. Mach air a' chùlaibh chithearàrdachadh fearainn beag; tha an cidhe seo a' comharrachadhloidhne na cirbe. Mu mheadhan an deilbh air an làimhchlì (8677), chithear creag chudromach eile dencheàrnaidh seo. Is e seo Gneiss Leòdhasach, creagchruth-atharrachail. Tha i tric na seasamh a-mach bhon chreigghainmhich mar chruth-tìre nas gairbhe. 

| Anath-dhuilleag | | Mullach na duilleig | Duilleag dachaigh |